Taverna
Página inicial > T > Taverna > Óran na Cloiche

Óran na Cloiche

Taverna


A' chlach a bha mo sheanmhair
'S mo sheanair oirre seanchas
Air tilleadh mar a dh'fhalbh I
Mo ghalghad a' chlach
'S gur coma leam I 'n cearrara
An calasraid no 'n calbhaigh
Cho fad' 's a tha I 'n albainn
Nan garbhlaichean cas


'S I u ro bha ho ro hilli um bo ha
Hilli um bo ruaig thu I hilli um bo ha
'S I u ro bha ho ro hilli um bo ha

Ga cur an àite tearmainn
A chumas I gu falachaidh
'S nach urrainn iad, nach dearg iad
Air sgealb dhith thoirt às
A' chlach a chaidh a dhìth oirnn
Air faighinn às an ìnean
'S gu deimhinne, ma thill I
Tha 'n nì sin gu math

Mionnan air fear deàrnaidh
Gach màthair is mac
Nach leig sinn ann an gàbhadh
Am fear a thug à sàs I
'S a mhiontraig air a teàrnadh
À àite gum tlachd
Ma chuireas iad an làmh air
Chan fhuilear dhuinn bhith làidir
Is buill' thoirt air a thàillibh
Le stàilinn amach

'S bha 'm ministear cho tùrsach
Sa mhadainn nuair a dhùisg e
'S praban air a shùilean
A' tionndadh amach
E coiseachd feadh an ùrlair
Ag ochanaich 's ag ùrnaigh
'S a' coimhead air a' chùil
Anns an d' ionndrainn e chlach

Sin far robh an stàireachd
'S an ruith air feadh an làir ann
Gun smid aige ri ràidhtinn
Ach "càit 'n deach a' chlach?
'S a mhoire, mhoire, mhàthair

Tha fios a'm gum bi bhànrainn
A' fàgail a beachd"

Gun tuirt e 's dath a' bhàis air
"Cha chreidinn-sa gu bràth e
Gu togadh fear bho làr I
Nach b' àirde na speach
Tha rudeigin an dàn dhomh
'S gun cuidicheadh an tàgh mi
Bha' n duine thug à sàs I
Cho làidir ri each"

Letra enviada por null

Encontrou algum erro na letra? Por favor, envie uma correção >

Compartilhe
esta música

Ouça estações relacionadas a Taverna no Vagalume.FM
ESTAÇÕES